Am bi iad iad riaraichte a nis? An dùil?
Tha an naidheachd air tighinn a-mach gun do chuir am Mòd ann an Gallaibh £3m ri eaconomaidh na sgìre. Sin airgead nach biodh air tighinn dhan sgìre mura b’ e gun deach am Mòd ann. Rinn taighean-òsta is taighean-seinnse airgead glè mhath a-mach as an tachartas.
An dùil an sguir an gearan a-nis? Tha fios agam gur iad buidheann de chomhairlichean a bha a’ cur an aghaidh na Gàidhlig agus a tha a’ gearain uair sam bith a nithear càil a thaobh cànan nan Gàidheal. Saoilidh mise gu bheil iad den bheachd gu bheil an t-airgead a tha a’ dol dhan Ghàidhlig sònraichte. Leis an dol-a-mach aca gun canadh iad gun tigeadh leighis air aillse, mac-an-duine a’ coiseachd air Mars, fòghlaim cho math is gur e ollamh a bhiodh anns a h-uile leanabh-sgoile ann an Alba, agus gun tigeadh dòigh gus an tuiteadh pìos aran is silidh leis an t-silidh gu h-àrd gach turas a thuiteadh e – dìreach mura biodh £1.5m air a chosg air dreuchdan luchd-teagaisg Gàidhlig. Chuireadh an t-airgead sin a h-uile càil anns an t-saoghal ceart.
Find out about donating to The Caledonian Mercury
Chan eil guth gur h-iomadh sgillig is muillean nòta a tha a’ dol a-mach air gnothaichean eile agus na dhèanadh sin de dh’ fheum nan dèidheadh a chosg air gnothaichean a b’ fheumaile. Ach ge-tà, chan fhaigh daoine – ann an Gallaibh no ann an àite eile – as leis a’ bheachd gum faigh iad buannachdan nan tachartas Gàidhlig gun sochairean a thoirt dha na Gàidheil is dhan chànan aca. Tha sin a’ ciallachadh fòghlam dhan fheadhainn a tha ga iarraidh. Agus tha sin a’ ciallachadh suidheachadh far nach eil luchd-taic na Gàidhlig gan sàmhlachadh ri Nàsaich uair sam bith a tha iad ag iarraidh cothrom na fèinne. A’ bruidhinn air an sin. An do shaoil daoine eile gun robh e neònach gu bheil Gàidheil gan sàmhlachadh ri Nàsaich le feadhainn a tha an aghaidh còirichean dha meanbh-sluaigh agus iad air am beò-ghlacadh le iomhaigh de dhualchas Lochlannach a dh’ fhalbh bho chionn fhada? Tha an naidheachd seo a’ togail rud eile. Feumaidh e a bhith follaiseach gum faigh daoine beò-shlàint is airgead tron Ghàidhlig. Bha gu leòr a cho-dhùin an clann a thogail le Cuimris leis gum faca iad cothroman cosnaidh ann an Cuimris dhan chloinn aca. Leudaich foillseachadh leabhraichean ann an Gàidhlig anns an 19mh linn leis gum faca daoine cothrom airgead a dhèanamh. ● Nochd e an t-seachdain seo gu bheil puist-d fuadan ris an canar spams air tòiseachadh nochdadh ann an Cuimris. Chan eil mise eòlach gu leòr air a’ chànain sin is gum biodh fios agam de cho math is a tha an Cuimris aca, ach bha iad coltach ris an fheadhainn eile a tha a’ tighinn thugainn. Tha iad ag ràdh gu bheil fortan saoghalta a’ feitheamh ort ann an Afraca. Cha ruig thu leas ach dìreach am fiosrachadh banca a chuir thuca. ‘S ann a bu chòir dha na Cuimrich a bhith toilichte gu bheil an leithid de seo a’ tachairt. Co-dhiù tha e a’ sealltainn gu bheil an cuid cànan cho làidir is gun fhiach e dha luchd-foill a chleachdadh. Bhiodh e math nam biodh cainnt Chaluim Chille anns an aon suidheachadh.English summary:
Murdo MacLeod says the news that the Caithness Mod generated an estimated £3m for the local economy ought to give critics of the language in the far north pause for thought.
Find out about donating to The Caledonian Mercury
Related posts: