Quantcast
Channel: caledonianmercury.com
Viewing all articles
Browse latest Browse all 2160

Am mìnich na pàrtaidhean co iad?

$
0
0
Chan eil rian gur e dìreach mi fhìn a th’ ann. Tha taghaidhean Pàrlamaid na h-Alba a’ teannadh oirnn is cha mhòr gu bheil guth againn air. Ann am beagan seachdainean, bidh an strì mhòr a’ dol eadar Ailig Salmond agus am fear eile nach aithnich duine beò againn. Agus bidh sinn a’ faighneachd dha na Lib-Dems co còmhla ris a thèid iad ann an co-bhonntachd is gheibh sinn freagairtean nach tuig duine beò.
Tha dùil againn aig a’ Chaledonian Mercury a bhith a’ toirt sùil air poilisidhean is seasamhan Gàidhlig nam prìomh pàrtaidh anns na seachdainean a tha romhainn. Ach ‘s e an trioblaid a tha gam chumail a’ dol agus a bhios a’ sàrachadh gu leòr eile gu bheil cuid de na pàrtaidhean ag ràdh aon rud gu follaiseach mun chànain ach gu bheil buill eile anns na h-aon bhuidhnean ag ràdh rudan gu tur eadar-dhealaichte. Buinidh an dà chuid Micheil Foxley is Marilyn NicLabhrainn dha na Lib-Dems. Esan air Ghaidhealtachd is ise ann an Dùn Èideann. Ach ged a tha esan air leth taiceil do chànan nan Gàidheal, tha ise air a bhith ag argamaid an aghaidh sgoil Ghàidhlig dha priomh bhaile na h-Alba. A-measg nam ball-pàrlamaid Albannach, tha Iain Fearchar Rothach cho taiceil ri duine a bha a-rìamh ann am poilitigs na dùthcha, ach bhruidhinn ball eile, Iain Mac a’ Ghobhainn an aghaidh mar a thathas a’ leudachadh craobh-sgaoileadh na Gàidhlig.

Donate to us: support independent, intelligent, in-depth Scottish journalism from just 3p a day

Agus a-rithist, tha am Pàrtaidh Làbarach gu nàiseanta a’ taobhadh ris a’ Ghàidhlig. Ach tha bruidhinn cuid de dhaoine nan adhbhair eagail dha na Gàidheil is dhan chànain. ‘S e ball den Phàrtaidh Làbarach a th’ ann an Iain Rosie, comhairliche ann an Gallaibh, fear a tha air a bhith a’ bruidhinn gu làidir an aghaidh sanasan Gàidhlig anns an sgìre agus a’ sàmhlachadh poileasaidhean cuideachadh na Gàidhlig ri linn nan Nàsach. A-rithist, tha am ball Làbarach Des McNulty, air a bhith a’ togail draghan ma dheidhinn dè cho ‘cothromach’ is a tha an suidheachadh far a bheil dìon ga chuir air goireasan fòghlaim dha sgoilearan Gàidhlig. Anns an là a th’ ann, tha am Pàrtaidh Nàiseanta glè mhath air toirt air na buill aca taobhadh ris a’ Ghàidhlig, ach bha là ann nuair nach robh cuid de comhairlichean SNP buileach cho cuideachail. Agus tha na Tòraidhean ann. Sgrìobh Mìcheil Gove nan Tòraidhean aiste sgoinneil ann an 2009 a’ cuir taic ris a’ chànan agus a’ mìneachadh carson nach bu choir dhuinn leigeil leis a’ Ghàidhlig a dhol a-mach a bith. Sgrìobh e rud cho ciallach is cho cothromach is a leugh mise ann am Beurla bho chionn ùine mhòr. Ach tha buill Tòraidheach a’ nochdadh anns na pàipearan fada ro thric is iad a’ bruidhinn an aghaidh – mas fhìor – an airgid mhòir a tha pròiseictean Gàidhlig a’ faighinn. Tha fios gu bheil diofaran beachd anns a h-uile pàrtaidh mu iomadh ceist is cuspair. Ach tha diofaran ann is diofaran ann. Cha dèanadh tu mòran anns a’ Phàrtaidh Làbarach nam biodh tu den bheachd nach bu chòir dhan NHS a bhith ann tuilleadh. Is cha dèanadh tu cus am measg nan Tòraidhean nam biodh tu ag argamaid nach robh brìgh anns a’ mhargaid. Tha e ceart gu bheil Gàidheil teagmhach is eagallach ma nochdas teachdaireachdan eadar-dhealaichte bho bhuill pàrtaidhean mu chòirichean dhaoine is an cànan. Chan eil an luchd-càinidh ‘dìreach’ a’ togail ceistean, tha iad a’ cur argamaid air adhart nach bu chòir dhuinne a bhith idir ann. Cha bu chòir pàrtaidh sam bith leigeil leo anns an là a th’ ann.

English summary

Murdo MacLeod believes that with the Scottish parliament elections approaching, Gaels and supporters of the language have a right to be anxious because of the mixed messages coming from some of the major parties on the rights of Gaelic speakers. Too often, one party figure will support the langague while another will attempt to drum up populist hostility to Gaelic.

Donate to us: support independent, intelligent, in-depth Scottish journalism from just 3p a day

Related posts:

  1. A dh’ Angie, ist
  2. Thig iad air ais: tha feum orra
  3. Càite an tèid na pairsealan eadar-dhealaichte de bhòtaichean?

Viewing all articles
Browse latest Browse all 2160

Trending Articles