Quantcast
Channel: caledonianmercury.com
Viewing all articles
Browse latest Browse all 2160

Mar a chailleas neach iomairt-taghaidh

$
0
0
labour01A bheil cuimhne agad air? Am Pàrtaidh Làbarach ann an Alba. Ceithear bliadhna air ais, bha mi a’ sgrìobhadh ann an riochd eile dha fear de na pàipearan-naidheachd. Sgrìobh mi aig an àm ma dheidhinn ar a chaill na Làbaraich an taghadh agus mar a bha sin a’ togail ceistean dhaibh. Thuirt mi aig an àm sin gun fheumadh am Pàrtaidh Làbarach co-dhùnadh carson a tha iad ann. Ma bha iad ann son an Aonadh a dhìon nach robh mòran diofar eadar iad fhèin is na Tòraidhean. Bha siud ann reimhid. Cha do rinn iad càil son ceithear bliadhna ach gearan ma dheidhinn na bha na Nats crosta fo Ailig Salmond a’ dèanamh. Anns na bliadhnaichean ri teachd bheir eòlaichean poilitigs sùil air iomart nan Làbarach mar sàr-eiseimpleir ciamar a chaillear taghadh. Dhiochuimhnich iad air leasanan nan Làbarach ùra. Cha robh feallsanachd ciallach cuinbhealach aca. Cha robh iad air a bhith ag ullachadh bliadhnaichean mar a bha a dhìth. Thàinig iad dhan taghadh seo le sreath de phoileasaidhean a bha iad air a bhith a’ càineadh bliadhnaichean mòra. Thàinig iad dhan taghadh agus iad a’ bruidhinn ma dheidhinn Màiread Thatcher an àite bruidhinn ma dheidhinn na dhèanadh iad fhèin. Cuideachd, thuirt iad gun robh an taghadh seo ma dheidhinn teachdaireachd a chuir gu Lunnainn is gu Dàibhidh Camshroin. Dè? Teachdaireachd? Co ma dheidhinn? An robh sin a-rèist a’ ciallachadh gur e a th’ ann an taghaidhean Westminster teachdaireachdan gun Bhruiseal, gu Washington, gu na Dùthchannan Aonaichte? Cha robh scot aig an seo. Bha deich bliadhna de chothroman aca son RET a thoirt a-steach dha na h-Eileanan. Cha do rinn iad e. Ceithear bliadhna ann am Pàrlamaid na h-Alba, bha iad a’ togail teagamhan is ceistean laghalachd mun sgeama. Thionndaidh iad aig a’ mhionaid ma dheireadh ron taghadh a ràdh gu robh RET dìreach cumhachdach is nach robh duin air thalamh a’ creidsinn ann mar a bha iadsan. Chàin iad poileasaidh nan Nàiseantach mu chìsean oileanach is mun chìse chomhairle a chumail gun àrdachadh. Nochd iad manifesto ag ràdh gum b’ iad sin na poileasaidhan aca fhèin. Bha sin glè mhath. Ach bha e a’ togail ceistean ma adhbhar bhòtadh dha na Làbarach mar nach robh rompa ach na h-aon phoileasaidean ris an SNP. Cha robh teachdaireachd cuinbhealach aca. Bha iad a-mach mu dheidhinn cho cunnartach agus a bhiodh an SNP. Ach bha an teachdaireachd sin a’ dearmad rud gu math bunaiteach. Fhuair an SNP a steach ann an 2007, agus tha an saoghal fhathast ann. Cha tug am Pàrtaidh Làbarach urram no spèis dha Alba. Cha do rinn iad iomart ciallach. Agus cha do mhìnich iad carson a tha iad ann. Aon rud, dhuibhse a chanas gur mi a tha a-nis glic as dèidh dhan h-uile tachairt, canaidh mi seo. Gu robh riaghailtean m’ àite-obrach gam chuingealachadh gu seo. Agus bha mi a’ sàrachadh dhaoine mun cuairt orm le na puingean seo. Ge-tà, cha robh mi idir a’ sùileachadh buadh cho làidir dhan SNP.

English summary

Murdo MacLeod looks at the Labour campaign. It was a textbook example of how to run a completely useless election campaign. Negative. Intellectually incoherent. And a manifesto of policies they had spent years attacking.

Want to discuss other issues? Join the debate on our new Scottish Voices forum

Related posts:

  1. Iomairt Làbarach gun teachdaireachd soilleir
  2. A Mhandy, nach cuala sinn seo mìle turas
  3. Càite an tèid na pairsealan eadar-dhealaichte de bhòtaichean?

Viewing all articles
Browse latest Browse all 2160

Trending Articles