Tha sinn neònach anns na meadhanan. Tha sinn cho measail air a bhith a‘ smaoineachadh mar deidhinn fhèin mar gaisgich nach sguir a chuir nan ceistean. Ach ‘s e fìrinn na cùise gu bheil sinn fada ro mhath a bhith dìreach a’ slugadh agus a’ creidsinn rud sam bith a bhios iad ag innse dhuinn.
Nochd e an t-seachdain seo na chosgadh e rathaidean na h-Alba gu lèir a chuir ann an stad freagarrach. Tha ùidh agamsa anns a’ cheist seo. Cha mhòr nach fheum thu tanca son a dhol ceud slat air rathaidean Leòdhais. As bith dè cho ciallach is a bhios tu fhèin a’ siubhal, thèid cuideigin seachad ort gu luath agus iad a’ fàgail fras de chlachan gan sadail dhan adhair gus an carbad agad fhèin a mhilleadh. Chan eil cealla deug bhon thàinig orm uinneag a’ char a chàradh – an dàrna turas ann an sia mìosan. Tha na rathaidean dìreach uamhasach. Agus gach seachdain, tha mi a’ pàigheadh fortan saoghalta son peatroil.
Nochd e gun cosgadh e mu £2.25bn gus rathaidean na dùthcha a dhèanamh ceart. Ghabh sinne anns na meadhanan seo mar teachdaireachd gu bheil e cho daor a h-uile càil a chuir ceart is gun fheum sinn dìreach gabhail ris gun fheum sinn Land Rovers an RUC fhaighinn son a chùis a dhèanamh air na sràidean againn. Comhairlichean ag ràdh gun fheum coimhead ri ‘dòighean ùra airgead a lorg.’
Gabh mo lethsgeul, ach tha na dòighean ann gus pàigheadh son an seo. Tha sinn a’ pàigheadh airgead mì-nàdarrach ann an cìsean. Agus nan tèidheadh dìreach beagan de airgead sin a chaitheamh far am bu chòir, bhiodh rathaidean cho math againn cha bhiodh sràidean cho math riu air thalamh.
Tha àireamh oifigeil Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gu bheil 2.7m carbadan clàraichte ann an Alba. Canaidh sinn gu bheileas a’ pàigheadh £150 ann an cìsean rathaid gach bliadhna. Tha fios gu bheil mòran luchd-siubhail – mise nam measg – a’ pàigheadh barrachd. Ach canaidh sinn £150 anns a’ bhitheantas.
Tha sin a’ fàgail gu bheil luchd-dràibhidh Albannach a’ toirt seachad £405m ann an cìsean rathaid gach bliadhna. Saoilidh mise gun cuireadh sin na rathaidean againn ceart ann an beagan is còig bliadhna.
Agus tha barrachd na sin ann. Tha mu 65% de phrìsean connaidh a’ dol ann an cìsean.
Canaidh sinn gu bheil draibhearan na h-Alba a’ cosg £40 gach seachdain air peatroil is deisel. Tha fios gu bheil gu leòr a’ cosg barrachd – mar mi fhìn. Tha sin a’ ciallachadh gu bheileas a’ pàigheadh co-dhiù £26 ann an cìsean, gach seachdain. Sin £1,365 gach bliadhna bho gach neach-draibhidh. Ma thathas a’ faighinn càil mar sin son gach carbad, tha iad a’ faighinn mu £3.65bn bho luchd-siubhal carbadan na h-Alba gach bliadhna.
Eadar cìsean connaidh is cìsean rathaid, tha an riaghaltas a’ faighinn mu £4bn bho luchd-draibhidh na h-Alba gach bliadhna. Sin faisg air an dà uidhir ris an £2.25bn a bhiodh a dhìth.
Tha an t-airgead ann. Tha iad ar ceannardan poilitigeach deònach gu leòr a a thoirt bhuainn. Nam biodh càil coltach ri seo a’ gabhail àite ann an rìoghachd eile – bhiodh ar-a-mach ann. Tha ar ceannardan poilitigeach a’ dèanamh mì-fheum den airgead agus den earbsa againn.
Nach mi a tha gòrach. ‘S e as coireach nach eil rathaidean cumhachdach againn gun do chosg buidheann phoblach air choireigin £2,500 air sreath de rudan Gàidhlig uaireigin. Feumas gu bheil e fìor oir chualas e bho chomhairliche ann an Gallaibh.
Related posts: