Quantcast
Channel: caledonianmercury.com
Viewing all articles
Browse latest Browse all 2160

Cha bhiodh lethsgeul gu mòran brìgh an-diugh

$
0
0
Tha mi a’ smaoineachadh nach robh mi ach còig bliadhna a dh‘ aois nuair a bha mi mar-thà seachd searbh sgìth de dhaoine a bhith ag ràdh rium gun robh Albannaich – is Gàidheil gu dearbh – anns an airm "Sassanach" aig Cùl Lodair. Bha luchd-teagaisg is eile ag innse seo dhuinn mar gum b’e gnothaich ùr a bh’ ann a bh’ air a bhith falaichte son bliadhnaichean.
‘S ionghantach mar nach robhas ag iarraidh rudeigin a stàmpadh nar cinn. Nach robh anns na Seumasaich sin ach dìreach reubaltaich. Nach robh iad a’ riochdachadh dhaoine ann. Nach robh annta ach aon taobh de dh’ argamaid. Saoilidh mise gun robhas a’ feuchainn ri toirt oirnn gun urram is diù a thoirt dhan fheadhainn a rinn sabaist no dhan adhbhar aca. Chan eil teagamh sam bith. Cha do dh’ adhbhraich am Prionnsa ach bròn is cràdh dha na Gàidheil. Tha e cuideachd fìor gun robh Albannaich is Gàidheil air an dà thaobh. Tha e fìor gun robh fiùs bàird Gàidhlig air an dà thaobh. Ach tha e cuideachd fìor gun robh am fulangas agus an cràdh air aon taobh. Dh’ fhuiling Gàidheil air sgàth is mar a thachair. Bha saighdearan an riaghaltais coma ged nach biodh na coimhearsnachdan is na teaghlaichean air tighinn a-mach air taobh a’ Phrionnsa. Cha robh annta ach Gàidheil. ‘S e a bh’ ann an Gàidheil ach an nàmhaid. Cha robh a dhìth ach an sgrios. Cha robh e gu diofar tuilleadh dè an taobh a ghabh iad. Dh’ fhuiling na Gàidheil. Chan eil teagamh sam bith a-bharrachd, bha ceannardan airm an riaghaltais ri eucoirean cogaidh. Bha iad a’ marbhadh daoine a bha leòinte air làrach a’ bhlàr. A-bharrachd air an sin, bha na beachdan a nochd anns na meadhanan aig an àm bho thaobh an riaghaltais làn den aon seòrsa gràin-cinneadh agus a nochd anns an linn a chaidh seachad thall anns a’ Ghearmailt. Bhathas ag innse dhan luchd-leughaidh nach robh na Gàidheil ach borb agus nach robh iad airidh ach a bhith air an sgiùrsadh air falbh. Ach am biodh lethsgeul bho riaghaltas an là an-diugh gu feum no gu ciall sam bith? Nach eil cuimhne mar a bha mòran againn a’ crathadh ar cinn nuair a dh’ iarr Tony Blair maitheanas son Gorta Mòr na h-Èireann is son mar a dh’ iarr e lethsgeul son pàirt Bhreatainn ann an tràilleachd na bliadhnaichean mòra air ais. Bha gu leòr againn a’ faighneachd càite an stadadh an leithid. Ann am beagan làithean bidh sgioba bheag a’ dèanamh air Cùl Lodair gus cuimhneachadh air an fheadhainn a thuit anns a’ bhlàr. Bha feadhainn aca nan gaisgich. Chan eil càil a dh’ fhios nach e truaghanan a bha ann an gu leòr dhiubh. Iad geal le eagal gun dol-as aca ach a chogadh ann am blàr gun dhòchas. Seo an rud a tha mòran nas fheàrr na lethsgeul sam bith. Urram a thoirt dhan chànan is dha na dòighean aca. Seo blàr nach stad sinn ann am bith.

English summary

Murdo MacLeod says calls for an apology from the UK state for the atrocities by government forces in the wake of Culloden are understandable. But such an apology would be pointless. Much better to honour the Fallen by defending and promoting their language and culture.

Want to discuss other issues? Join the debate on our new Scottish Voices forum

Related posts:

  1. Bliadhnaichean de phailteas? Càite?
  2. A Mhandy, nach cuala sinn seo mìle turas
  3. Am mìnich na pàrtaidhean co iad?

Viewing all articles
Browse latest Browse all 2160

Trending Articles